Taic Theicnigeach airson Tuigse na Gàidhlig
Bho chaidh a stèidheachadh dà bhliadhna air ais, tha pròiseact CIALL air a bhith a’ toirt taic leantainneach do chlàradh luchd-labhairt fileanta na Gàidhlig le ceanglaichean dlùth ri coimhearsnachdan Gàidhealach. Tha luach a bharrachd ga thoirt do na clàran eitneòlach seo de smuaintean, cuimhneachain agus meòrachadh nan Gàidheal seo tro bhith a’ toirt seachad taic a bharrachd do luchd-ionnsachaidh agus do dhaoine nach bruidhinn Gàidhlig idir. Tha pròiseact Guthan nan Eilean a-nis air duilleag air-loidhne shònraichte fhoillseachadh far am faighear lorg air na clàraidhean san tasglann seo gu furasta.

Tha Guthan nan Eilean air a bhith ag obair gu dlùth, an toiseach le Soillse agus an uair sin le CIALL, air stoidhle de chlàradh bhidio a thogail gus beachdan eitneòlach a ghlacadh air eòlas luchd-labhairt na Gàidhlig a tha stèidhichte sa choimhearsnachd san 21mh linn. Chaidh am modail clàraidh seo fheuchainn an toiseach le cruinneachadh Saoghal Thormoid agus an uairsin chaidh a leasachadh agus a leudachadh ann am pròiseact Stòras Beò nan Gàidheal.
Anns an tionndadh as ùire – “Shortcuts” – chaidh clàraidhean fada ùra a bhriseadh suas ann an earrannan nas giorra agus chaidh an cur ri chèile le taic a bharrachd a chuideachas luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig no daoine nach bi ga bruidhinn. Tha post blog “Gaelic Shorts” aig Guthan nan Eilean a’ toirt seachad mion-fhiosrachadh air na diofar roghainnean teicnigeach a tha rim faighinn, agus a’ mìneachadh tuilleadh ciamar agus carson a chaidh a dhèanamh. Tha an duilleag “Shortcuts” a’ toirt seachad clàran de cheanglaichean gu còrr air 40 bhidio.
Mar a thachair le pròiseactan coltach ris roimhe, mar eisimpleir Leacan, thathar an dùil gun urrainn don stuth bhidio seo, a chaidh a thar-sgrìobhadh gu dlùth, cur ri obair cho-obrachail ann an ionadan eile air leasachadh corpus na Gàidhlig agus NLP (Natural Language Processing).